Back to Cearcall home page

Stòrasan Gàidhlig

News

Crann-fìona às ùr 18/10/2017

An Ath Bhothan

Tadhail air Bothan DunEideann a los faighinn a-mach nuair a tha an ath Bothan ann.

Cùrsaichean Ùr

Bidh gach buidheann fhoghlaim ag ùrachadh làrach-lìn aige fad a bhliadhna. Tadhail na làrachan-lìn gu tric airson lorg cùrsaichean ùr.
Find us on Facebook

Stòrasan Gàidhlig

Tha an duilleag seo gu sònraichte ag amas air luchd-ionnsachaidh ach tha sinn an dòchas gum bi i inntinneach do dh’fhileantaich cuideachd. Ma chì thu mearachd san fhiosrachadh no bèarn chudromach san liosta stòrasan cuir fios thugainn.

Dhuibh uile

BBC Alba

BBC Alba air iPlayer   Radio nan Gaidheal   Naidheachdan   Blog Poilitigeach
Bliadhna nan Òran   Foghlam   Learn Gaelic
Chaidh BBC Alba a chur air bhonn airson prògraman ann an Gàidhlig a-mhàin a chraoladh. Air an làrach-lìn aca gheibh thu artaigilean naidheachdan ann an Gàidhlig, telebhisean tron iPlayer, Radio nan Gàidheal,cuibhreann de stòrasan chultaral a bharrachd air roinn airson luchd-ionnsachaidh. Air sgàth ‘s gu bheil gach ceangal ris an susbaint Gàidhlig sa phrìomh phàirt den duilleag dachaigh fhèin (cleachd na saigheadan airson barrachd susbaint a lorg), seachainn an taghadh aig bàrr na duilleige mur eil thu airson a dhol dhan phrìomh làrach-lìn aig a’ BhBC.
Airson Tbh Gàidhlig, Rèidio agus barrachd: Tadhail air BBC Alba >>

Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann

‘S e com-pàirteachas coimhearsnachd a tha ann an Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann, le làrach-lìn a tha a’ toirt fiosrachadh dà-chànanach air tachartasan agus naidheachdan coimhearsnachd Ghàidhlig Dhùn Èidinn.
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail air Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann >>

Dàna

‘S e e-zine a tha ann an Dàna a bhitheas a’ lìbhrigeadh gach rud bho chùisean làthaireil gu spòrs gu h-iomlan ann an Gàidhlig.
Airson mion-fhiosrachadh: Leugh Dàna >>

Blog Pàrlamaid na h-Alba

‘S e blog ann an Gàidhlig a’toirt dhut na naidheachdan as ùire bhon Phàrlamaid Albannach a tha an seo.
Airson mion-fhiosrachadh: Leugh Blog Pàrlamaid na h-Alba >>

Leabharlann Nàiseanta na h-Alba – Cruinneachadh de Sheann Leabhraichean Gàidhlig

Tha Leabharlann Nàiseanta na h-Alba air cuid de na cruinneachaidhean de sheann leabhraichean Gàidhlig aca a chuir air-loidhne ann am fòrmat pdf a ghabhas luchdachadh a-nuas an-asgaidh.
Airson mion-fhiosrachadh: Coimhead air Early Gaelic Books Collection >>

Comhairle nan Leabhraichean

‘S e carthannas a tha ann an Comhairle nan Leabhraichean a tha gu dicheallach a’ cur taic ri agus ag adhartachadh litreachas ann an Gàidhlig. Gheibh thu taghadh de leabhraichean air iomadh cuspair airson leughadairean de gach aois, sa bhùth air-loidhne aca.
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail air bùth Comhairle nan Leabhraichean >>

Acair

‘S e foillsichear de leabhraichean Gàidhlig a tha ann an Acair ged a tha tomhas mhath de na leabhraichean aca airson clann,tha iad a’foillseachadh leabhraichean airson inbhich cuideachd. Is d’fhiach a ràdh gu bheil leabhraichean cloinne nan toiseach tòisichidh fìor mhath do luchd-ionnsachaidh.
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail air bùth Acair >>

Bookbug Gàidhlig

Mas e pàrant le clann òg a th’annad,tha stuthan Bookbug ri faighinn an asgaidh ann an Gàidhlig agus tha cead agad seiseanan an-asgaidh a fhrithealadh taobh a-staigh an uùghdarras ionadail agad fhèin.
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail air Bookbug >>

Stuthan ionnsachaidh air-loidhne

Learn Gaelic

Innealan   Tòiseachadh   Cleachd Gàidhlig   Coimhead Gàidhlig   Pàrantan is Clann
‘S e larach-lìn coitcheann le iomadh goireas agus cùrsa Gàidhlig airson luchd-tòisichidh a tha ann an Learn Gaelic. San roinn Innealan gheibh thu cruinneachadh feumail de dh’fhaclairean agus mas e neach-tòisichidh no pàrant a th’annad,tha na roinnean a tha ag amas air clannn air leth feumail agus cuideachail airson stòr-fhaclan agus gràmar a chumail na do chuimhne. Tha na roinnean airson luchd-ionnsachaidh a tha nas sine le ceanglaichean ri goireasan eile agus an slàn chatalog de na cliopaichean bho Speaking Our Language a tha air leth math airson sgilean èisteachd a bhrosnachadh.
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail air Learn Gaelic >>

Beag air Bheag

Aonadan   Gràmar   Abairtean Sgiobalta   Òrain
Tha Beag air Bheag air a sholaireadh le BBC Alba agus ag amas air fìor luchd-tòisichidh. ‘S e cùrsa goirid cànan a tha ann le earrannan goirid èisteachd, gràmar bunaiteach agus òran no dhà ri ionnsachadh (le faidhlichean fuaim agus tar-sgrìobhadh cuideachail).
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail air Beag air Bheag >>

Taic

Cùm sùil gheur a-mach airson nach caill thu na h-abairtean cuideachail sa cholbh chaol as fhaide gu clì, ach a bharrachd air sin, ‘s e deagh larach-lìn a tha seo airson sgilean leughaidh, sgrìobhaidh agus gràmar Gàidhlig ionnsachadh. Tha roinnean feumail ann cuideachd airson ainmeannan pearsanta agus ainmeannan àiteachan.
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail airTaic >>

Leasanan Nèill

‘S e pàirt de seann larach-lìn Geocities air a h-ath chleachdadh leis a’ phròiseact Reocities a th’ann an Leasanan Nèill. Tha 10 leasanan bunaiteach ann mar toiseach tòisichidh dhut. Feumaidh tu am putan air-ais den bhrobhsair agad a chleachdadh airson gluasad bhon duilleag air a bheil thu air-ais dhan phrìomh mhenu.
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail air Leasanan Nèill >>

An t-Allan Dubh

‘S e phròiseact eile ath-chleachdte bho Reocities a tha anns An t- Alltan Dubh, an turas seo cruinneachadh de liricean Òrain Gàidhlig. . Feumaidh tu am putan air-ais den bhrobhsair agad a chleachdadh airson gluasad bhon duilleag air a bheil thu air-ais dhan phrìomh mhenu.
Airson mion-fhiosrachadh:Tadhail air An t-Allan Dubh >>

Gaelic4parents

Ged is ann ag amas air pàrantan le clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a tha an larach seo, faodaidh na h- eacairseachan a bhith feumail do luchd-ionnsachaidh airson ionnsachadh bunaiteach a dhaighnicheadh..
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail air Gaelic4parents >>

Can Seo

Air a chuir ris Ògmhios 2014 le Pàrlamaid na h-Alba,’s e seo clàr-cluiche You Tube de na 20 programam de Can Seo (sreath airson luchd-ionnsachaidh) bho na 1970an. Tha cothrom agad an leabhar a tha a’dol leis an t-sreath a’ luchdachadh a-nuas an asgaidh mar pdf.
Airson mion-fhiosrachadh: Coimhead air Can Seo >>

Speaking Our Language

Sreath 1 cliopaichean   Sreath 2 cliopaichean   Sreath 3 cliopaichean   Sreath 4 cliopaichean
‘S ann sna 1990an a chaidh am program ionnsachaidh Gàidhlig,Speaking Our Language,a dheanamh. Tha sinn ag obair air clàr-cluiche mionaideach airson na programan a tha ri fhaighinn air You Tube, ach san eadar-ama, faodaidh tu na cliopaichean cànain uile a choimhead air Learn Gaelic air a bheil tar-sgrìobhaidhean le eadar-theangachaidhean comhla ris na videothan.


Innealan ionnsachaidh air-loidhne

Wiki Gràmar Gàidhlig

‘S e gràmar Gàidhlig gu math sgoilearach a tha a’dèanamh iomradh air gach tionndadh a tha sa ghràmar a th’ann an Scottish Gaelic Grammar Wiki.
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail air Wiki Gràmar Gàidhlig >>

Akerbeltz

Wiki beag, de nàdar aotrom, a tha ga do stiùireadh tro ghràmar agus fuaimneachas bho sealladh gu math cànanach.
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail air Akerbeltz >>

Dwelly

Faclair Gàidhlig gu Beurla Dwelly gu goireasach air-loidhne dhut. Tha am faclair seo a’dol an doimhneachd leis na co-theacsan. Tha am faclair air a rèiteachadh airson gun urrainn dhut lorg ann an Gàidhlig no Beurla.
Airson mion-fhiosrachadh: Cleachd Am Faclair Dwelly >>

Am Faclair Beag

Tha am pròiseact seo a’ cleachdadh faclair Dwelly mar bhunait agus a’cuir ris le briathran as ùire. A bharrachd, tha na tòraidhean a’ tighinn le inneal tomhais cleachdaidh a tha cuideachd ri fhaicinn air mapa nuair a bhriogas tu air an toradh a tha thusa ag iarraidh.
Airson mion-fhiosrachadh: Cleachd Am Faclair Beag >>

Innealan Learn Gaelic

Tha an roinn innealan seo a’ ceangal ri faclair no dhà feumail, nam measg, iad le briathrachas Pàrlamaideach agus teicnigeach, agus ainmean àiteachan. Tha am faclair Learn Gaelic air a thoirt am follais an co-cheangal ris Am Faclair Beag.
Airson mion-fhiosrachadh: Cleachd na h-innealan ann an Learn Gaelic >>

Cùrsaichean Gàidhlig air Memrise

‘S e inneal air-loidhne a leigeas leat innealan sìmplidh cobhair cuimhne a dhèanamh agus a chleachdadh airson cànan ionnsachadh a th’ann am Memrise.Tha an ceangal seo ga do thoirt gu Cùrsaichean Gàidhlig air an dèanamh le coimhearsnachd Memrise. Feumaidh tu log a-steach a chruthachadh(no soidhnig a-steach le Facebook) airson tòiseachadh ach tha e an- asgaidh.
Airson mion-fhiosrachadh: Feuch Memrise >>

Clasaichean agus Cùrsaichean

Liosta cùrsaichean Learn Gaelic

Ann an co-cheangal ri Clì tha Learn Gaelic air liosta iomlan de chùrsaichean Gàidhlig ann an Alba a chur ri chèile.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic an liosta chùrsaichean aig Learn Gaelic >>

Sabhal Mòr Ostaig

Tha Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach a’ tathann foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre colaiste agus oilthigh a bharrachd air cùrsaichean agus bùthan-obrach airson Gàidhlig ionnsachadh. Tha a’ mhòr–chuid de na cùrsaichean gan tathann air àrainn na colaiste ach tha curraicealam foghlaim aig astar ga thathann a-nis cuideachd.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic cùrsaichean bho Sabhal Mòr Ostaig >>

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Air àrainn Colaisde a’ Chaisteil, de Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean tha an oilthigh a’tathann cùrsaichean Gàidhlig airson luchd-toisichidh agus cùrsaichean bogaidh airson eadar-mheadhanaich gu fileantaich.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic cùrsaichean bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean >>

Oilthigh Dhùn Èidinn

Tha Oilthigh Dhùn Èidinn a’ ruith chlasaichean Gàidhlig aig 3 ìrean bho ìre luchd-tòisichidh,tro na bliadhna.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic cùrsaichean aig Oilthigh Dhùn Èidinn >>

Colaiste Dhùn Èidinn

Tha cothrom agad aig Colaiste Dhùn Èidinn Gàidhlig ionnsachadh gu Àrd Ìre.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic cùrsaichean aig Colaiste Dhùn Èidinn >>

Clì Gàidhlig

Tha Clì a’ lìbhrigeadh cùrsaichean Gàidhlig a’ cleachdadh modh ionnsachaidh Ùlpan le barrachd cuideam air sgilean labhairt agus èisteachd seach gràmar, leughadh no sgrìobhadh.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic cùrsaichean bho Clì >>

Ùlpan

Tha Ùlpan a’ sealltainn liosta de na cùrsaichean Gàidhlig gan cumail ann an Dùn Èideann a tha a’cleachdadh am modh ionnsachaidh Ùlpan. Tha an liosta cuideachd a’toirt a-staigh na cùrsaichean Ùlpan a tha air an lìbhrigeadh le Clì.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic cùrsaichean Ùlpan >>

Comhairle Baile Dhùn Èideann

Tha Comhairle Baile Dhùn Èideann a’tathann clasaichean foghlam coimhearsnachd ann an Gàidhlig aig ìre neach-toisichidh,an ath ìre agus ìre eadar-mheadhanach.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic na cùrsaichean bho Comhairle Baile Dhùn Èideann >>

Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh

Tha Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh a’ruith cùrsaichean cànain agus cultar - cuid air àrainn na colaiste agus cuid eile ann an Dùn Èideann.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic cùrsaichean aig Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh >>

Còraichean Cearcall Còmhraidh 2017
Na teirmichean is cumhaichean