Back to Cearcall home page

Ceanglaichean

Cearcall Còmhraidh

An ath chearcall:

26mh Sultain, 2017
7.30 f - 9.00 f

Seòmraichean Naomh Anndrais
Ciad Làr
16 Sràid Anndrais a Tuath
Dùn Èideann
EH2 1HJ
(faic air mapa)

Dìreach tionndaidh suas
£1.50 (a’chiad turas an-asgaidh)
Tha fàilte romhaibh uile!

Find us on Facebook

Ceanglaichean

‘S e a th’againn an seo, ceanglaichean ri buidhnean a tha a’brosnachadh Gàidhlig agus cultar na Gàidhlig aig ìre nàiseanta. A bharrachd, tha earrann ann airson pàrantan le ceanglaichean gu fiosrachadh feumail ma tha iad a’beachdachadh air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Ma tha thu a’smaoineachadh gu bheil mearachdan ann an gin de na ceanglaichean, no gum bu chòir tuilleadh a chuir ris, feuch gu leig thu fios dhuinn.

Tachartasan Nàiseanta Gàidhlig

Blas Festival

‘S e fèis bhliadhnail a tha ann am Blas, le tachartasan gan cumail air feadh Earra-Ghàidheal agus air a’ Ghàidhealtachd a tha a’comharrachadh ceòl agus cultar tràidiseanta Gàidhlig agus Albannach.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Blas Festival >>

Am Mòd Rìoghail Nàiseanta

‘S e fèis bhliadhnail a’comharrachadh gach taobh de chultar na Gàidhlig a tha anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Tha Am Mòd, a tha a’toirt a-staigh co-fharpaisean chliùiteach nàiseanta anns na h-ealain Ghàidhlig agus iomadh tachartas air àrd-ùrlar air a rèiteachadh leis a’ Chomunn Ghàidhealach.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Royal National Mod >>

Bhuidhnean na h-ealain Gàidhlig

Comunn nan Còisirean Gàidhlig

Tha e na amas aig Comunn nan Còisirean Gàidhlig a bhith a’ leasachadh agus ag oideachadh a’phobaill a-thaobh tlachd ann agus eòlas air ceòl agus gu h-àraid Ceòl Gàidhlig airson Còisirean. Tha fiosrachadh aca mu Chòisirean Gàidhlig air feadh Alba.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Comunn nan Còisirean Gàidhlig >>

Pròiseact Nan Ealan

Tha Pròiseact Nan Ealan stèidhichte ann an Steòrnabhagh, air Eilean Leòdhais sna h-Eileanan an Iar ach bidh iad ag obair gu nàiseanta agus gu h-eadarnàiseanta a’toirt taic do na h-ealain Gàidhlig.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Pròiseact Nan Ealan >>

Fèisean nan gàidheal

Tha Fèisean nan Gàidheal ag obair air feadh Alba a’cur taic ri buidhnean co-cheangailte ri gluasad nam Fèisean ann a bhith a’ brosnachadh ùidh ann an ceòl agus drama. Bidh mòran de na pròiseactan ag amas air clann agus inbhich òga ach bidh iad cuideachd ag eagreachadh Blas gach bliadhna.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Fèisean nan gàidheal >>

An Comunn Gàidhealach

‘S e buidheann carthannais, stèidhichte ann an 1891,airson taic agus brosnachadh a thoirt do chultar, eachdraidh, dualchas agus Gàidhlig mar chànan aig ìrean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta a tha san Chomunn Ghàidhealach. Is iad a’ bhuidheann a bhios a’cur air adhart a’Mhòd Nàiseanta Rìoghail.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air An Comunn Gàidhealach >>

Comhairle nan Leabhraichean

‘S e carthannas,le dleastanas taic agus leasachadh a thoirt air sgrìobhadh ann an Gàidhlig tro bhith a’toirt taic do dh’ foillseachadh agus a bhith a’ brosnachadh litreachas Gàidhlig a tha ann an Comhairle nan Leabhraichean. Gheibhear fiosrachadh bhuapa mu chothroman agus maoineachadh airson sgrìobhadairean. Tha buth a’rèic litreachas Gàidhlig aca cuideachd.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air the Gaelic Books Council >>

Government & education organisations

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig   Fiosrachadh do phàrantan
B‘S e buidheann phoblach a th’ann am Bòrd na Gàidhlig, buidheann a bhios ag obair gu dlùth leis An Riaghaltas Albannach airson ìomhaigh na Gàidhlig adhartachadh agus a bhrosnachadh. ‘S e roinn an fhoghlaim - maoineachadh airson foghlam tro mheadhan na Gàidhglig agus cùrsaichean cànain, am prìomhachas aca le bhith ag amas air àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig de gach aois àrdachadh ann an Alba.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Bòrd na Gàidhlig >>

Comunn na Gàidhlig

‘S e buidheann phoblach, cho-ordanachaidh a th’ann an Comunn na Gàidhlig, buidheann a bhios ag obair còmhla ris An Riaghaltas,Ùghdarassan Ionadail agus buidhnean Gàidhlig eile gus Gàidhlig a leasachadh..
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Comunn na Gàidhlig >>

Gabh an Cothrom (in Gaelic only)

‘S e larach-lìn dhaibhsan aig a bheil ùidh ann a bhith a’ teagasg ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a tha an seo, le fiosrachadh mionaideach mu dheidhinn cùrsaichean teagaisg, maoineachadh agus cothroman obrach.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Gabh an Cothrom >>

Airson Pàrantan

Comann nam Pàrant

‘S e buidheann nàiseanta a bhios a’ toirt taic agus comhairle do phàrantan mu dheidhinn Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a th’ann an Comann nam Pàrant
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Comann nam Pàrant >>

Bun-sgoil Taobh na Pàirce

‘S e Bun-sgoil Taobh na Pàirce sgoil Ghàidhlig Dhùn Èidinn. Tha an sgoil san dàrna bliadhna a-nis agus bidh sgoilearan bho Dùn Èideann, sgìrean Lodainn agus Fìobha a’ faighinn àite innte.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Bun-sgoil Taobh na Pàirce >>

Pàrantan Taobh na Pàirce

Pàrantan Taobh na Pàirce
Tha riochd aig Comhairle nam Pàrant aig Taobh na Pàirce ann a bhith a’ruith na sgoileadh agus a’cuideachadh le bhith a’rèiteachadh cùisean phàrantan.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Pàrantan Taobh na Pàirce >>

Òganan Dhùn Èideann

Tha Òganan Dhùn Èideann a’ lìbhrigeadh goireasan cùram chloinne taobh a-staigh Bun-sgoil Taobh na Pàirce airson clann sgoile agus clann aig aois fo-sgoile.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Òganan Dhùn Èideann >>

Cròileagain Dhùn Èideann

Tha Cròileagain Dhùn Èideann a’ruith chròileagain airson clann fo aois sgoile ann an Dùn Èideann le cur-seachadan air an dealbh gus blasad tlachdmhor de Ghàidhlig a thoirt do chlann agus an luchd-cùram. Cha leig eòlas sam bith a leas a bhith aca air Gàidhlig.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Cròileagain Dhùn Èideann >>

Còraichean Cearcall Còmhraidh 2017
Na teirmichean is cumhaichean