Back to Cearcall home page

Buidhnean Gàidhlig eile

Cearcall Còmhraidh

An ath chearcall:

26mh Sultain, 2017
7.30 f - 9.00 f

Seòmraichean Naomh Anndrais
Ciad Làr
16 Sràid Anndrais a Tuath
Dùn Èideann
EH2 1HJ
(faic air mapa)

Dìreach tionndaidh suas
£1.50 (a’chiad turas an-asgaidh)
Tha fàilte romhaibh uile!

Find us on Facebook

Buidhnean Gàidhlig eile

Seo agaibh Buidhnean Còmhraidh Gàidhlig a tha a’dol aig an àm seo agus air a bheil eòlas againn. Ma tha thu a’ smaoineachadh gu bheil mearachd sam bith san fhiosrachadh, no ma tha fios agad mu dheidhinn buidheann còmhraidh sam bith eile bu math leat fhaicinn air an liosta, cuir fios thugainn mas e do thoil e.

An Cearcall Gàidhlig

‘S e cruth ‘drop in’ airson fileantaich agus luchd-ionnsachaidh aig gach ìre a tha anns ‘An Cearcall Gàidhlig’.
Càit: Seòmar 8/9, Lindsay House, South Bridge Street, Bathgate
Cuin: Madainn Disathairne, 9.30m -12.00f
Cosg: An-asgaidh
Tuilleadh fiosrachadh bho: Rob MacEoghainn air 0131 333 3448


Canan is Cèic

Tha Cànan is Cèic fosgailte do luchd-labhairt Gàidhlig aig gach ìre. Bidh iad ag atharrachadh an àite-coinnichidh aig amannan’s air an adhbhar sin bhiodh e na b’fhearr dhut fios a chuir thuca ron chiad uair a rachadh tu ann.
Càit: Café Truva, Lady Lawson St, Dùn Èideann
Cuin: Feasgar Disathairne, 3.30f – 5.00f
Cosg: An-asgaidh
Tuilleadh fiosrachadh bho: Niall MacGriogair air 0131 221 1461
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail air Canan is Cèic air Facebook >>


Cearcall Caffe Nero

‘S e buidheann shaorsnail a bhios a’coinneachadh airson cupa tì no cofaidh maidne,far a bheil fàilte ro gach aois agus ìre labhairt, a tha an seo.
Càit: Café Nero, Frasers, 145 Princes St, West End, Dùn Èideann
Cuin: Madainn Diluain, 11.00m – 13.00f
Cosg: An-asgaidh
Tuilleadh fiosrachadh bho: Joe Wright air 0131 334 7005 no aig j.wright054@btinternet.com


Gàidhlig Diardaoin

Tha an Oilthigh Dhùn Èideann a' ruith an club seo, ach tha e fosgailte don coimhearsnachd agus bidh fàilte air gach aois agus ìre labhairt. Cha bhi an buidheann seo a' ruith ach 'nuair a tha an Oilthigh fosgailte. Uime sin faodaidh sibh fios a chur gu Bria Mason airson faighinn a-mach am bi e ann.
Càit: Seòmar 8/9, Lindsay House, South Bridge Street, Bathgate
Cuin: Madainn Disathairne, 9.30m -12.00f
Cosg: An-asgaidh
Tuilleadh fiosrachadh bho: Rob MacEoghainn air 0131 333 3448


Yakety Yak Language Café

‘S ann airson ìre eadar-mheadhanach agus os cionn sin a-mhàin a tha a’ bhuidheann còmhraidh seo freagarrach. Mur eil thu cinnteach as an ìre comais agad fòn mus tèid thu ann.
Càit: Dùn Èideann – diofar àiteachan
Cuin: Dùn Èideann – diofar seiseanan
Cosg: 3 roghainn pàighidh gan tathann
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail air Yakety Yak >>


Gaelic Lunch Club

Club lòn airson luchd-labhairt na Gàidhlig abhios a’coinneachadh aon uair sa mhìos air Dimàirt. Leig fios ron àm ma tha thu airson a bhith ann agus airson dèanamh cinnteach as a’ cheann-latha.
Càit: Browns, 131 George Street, Dùn Èideann
Cuin: Aon uair sa mhìos, air Dimàirt aig 1.00f
Cosg: Lòn
Tuilleadh fiosrachadh bho: 07906 318 561


Còraichean Cearcall Còmhraidh 2017
Na teirmichean is cumhaichean