Back to Cearcall home page

Dè tha dol?

News

Crann-fìona às ùr 06/09/2017

An Ath Bhothan

Tadhail air Bothan DunEideann a los faighinn a-mach nuair a tha an ath Bothan ann.

Cùrsaichean Ùr

Bidh gach buidheann fhoghlaim ag ùrachadh làrach-lìn aige fad a bhliadhna. Tadhail na làrachan-lìn gu tric airson lorg cùrsaichean ùr.
Find us on Facebook

Dè tha dol?

Cuidichidh na làraich-lìn seo thu gus tachartasan agus cur-seachadan Gàidhlig fàisg air agus ann an Dùn Èideann a lorg. Ma tha thu a’smaoineachadh gu bheil mearachd anns an fhiosrachadh neo ma tha thu airson tachartasan eile a chur air an liosta againn cuir fios thugainn mas e do thoil e.

Crann-fìona Gàidhlig

Tachartasan neo-chunbhalach a tha ràitheil no nach eil gan liostadh air feadh an eadar-lìon. Na diochùimhnichaibh sùil a chùmail air 'The List' (ceangal fodha) airson tachartasan eile a lorg.

An Ath Chèilidh Ghàidhlig leis Comunn Tìr nam Beann Dùn Èideann (07/10/2017)

Seo cèilidh tradaiseanta le gnìomhadh bho iomadh ealadairean, agus le strùpag is bèicearachd cuideachd, an asgaidh! Nochdadh an turas seo: Pìobaire Neil Maclure, Còisir Ghàidhlig Lodainn agus aoighean sònraichte, Affinity Ladies Choir às a' Chuimrigh.
Càit: Eaglais Augustine Aonaichte, 1-43 Drochaid Sheòrais IV , Dùn Èideann, EH7 6JH
Cuin: 7.30f - 10.00f, Disathairne 7mh Dàmhair, 2017
Cosg: £5 buill / £6 eile / clann an-asgaidh


Seachdainn na Gàidhlig (03/11/2017 - 10/11/2017)

Seachdainn iomadh-làn le tachartasan Ghàidhlig air feadh Dhùn Èideinn.
Airson mion fhiosrachadh às ùr: cuir sùil air an làrach-lìn gu cunbhalach >>

Seachdainn na Gàidhlig - Cearcall Chaluim (03/11/2017)

’S ann le tachartas ùr togarrach - Cearcall Chaluim 2017 - a chuireas Bothan, an co-bhonn le Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann, Seachdain na Gàidhlig gu dol am bliadhna. Mar urram do Chalum Chamshron nach maireann, a bha a' fuireach an Dùn Èideann fad mòran bhliadhnachan, bheir a' Bhan-Ìleach, Iseabail Nic an t-Sagairt, dhuinn òraid phoblach sa Ghàidhlig: 'Dè cho saor 's a tha sinn an-diugh?' An dèidh na h-òraid, gheibhear glainne fìon' is cothrom faighinn a-staigh an asgaidh gu Bothan sònraichte sa Chanonsgait bho 8.30f.
Airson mion fhiosrachadh agus tiocaidean fhaighinn: cuir sùil air an tachartas >>

Tachartasan

Thoir sùil air ‘The List’

‘S e an iris ‘The List’ àite cho math ‘s a tha ri fhaighinn airson fiosrachadh mu thachartasan a lorg. Ann am fìor stoidhle ‘Blue Peter’, ‘s e seo liosta ullaichte ro làimh dhut a’ toirt am fiosrachadh is ùire mu dheidhinn tachartasan Gàidhlig fàisg air agus ann an Dùn Èideann.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air The List as ùire >>

Tachartasan Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èidinn

Tha tachartasan Gàidhlig airson oileanaich, òraidichean agus am poball air an cumail tro na bliadhna aig Oilthigh Dhùn Èidinn.
Airson mion fhiosrachadh: Seall air mìosachan Oilthigh Dhùn Èidinn >>

Bothan Dùn Èideann

‘S e Bothan club oidhche Gàidhlig Dhùn Èidinn, feasgar làn de cheòl beò agus deagh chràic. Tha e air a chumail aon uair sa mhìos air Dihaoine sa Chanons’ Gait. Leis nach eil aca ach duilleig Facebook, ni sinn ar dìcheall fios a leigeil dhuibh nuair a bhios an ath Bothan a’gabhail àite.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Bothan Dùn Èideann air Facebook >>

Seirbheis Ghàidhlig gach latha Sàbaid aig Eaglais nam Manach Lìath

Seirbheis Ghàidhlig gach Sàbaid.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Eaglais nam Manach Lìath >>

Tachartasan / cur-seachadan cloinne

‘S e Bun-Sgoil Taobh na Pàirce, ann an Lìte, sgoil foghlam tro meadhan na Gàidhlig airson Dùn Eideann. Tha làrach-lìn nam Pàrantan a’sealltainn liosta de na cur- seachadan a tha gan ruith san sgoil airson clann agus teaghlaichean.
Airson mion fhiosrachadh: Faic tachartasan aig Taobh na Pàirce >>

Cèilidhean

Chan eil na tachartasan uile ann an Gàidhlig ged a tha ceangal aca uile ri Gàidhlig no cultar na Gàidhlig.

Comunn Tìr nam Beann Dùn Èideann

Is e oidhche loma-làn le ceòl agus òrain Ghàidhlig airson an teaghlaich uile, agus le strùpag agus bèicearachd cuideachd!
Càit: Eaglais Augustine Aonaichte, 1-43 Drochaid Sheòrais IV , Dùn Èideann, EH7 6JH
Cuin: 7.30f - 10.00f, Disathairne 7mh Dàmhair 2017 / Disathairne 4mh Samhain 2017 / Disathairne 2mh Dùbhlachd 2017 / Disathairne 3mh Gearran 2018 / Disathairne 3mh Màrt 2018 / Disathairne 7mh Giblean 2018
Cosg: £5 buill / £6 eile

Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Comunn Tìr nam Beann Dùn Èideann air Facebook >>

Comunn Earraghàidheal Dhùn Èideann

Ceòl, òrain is sgeulachd Ghàidhlig airson an teaghlaich uile. Mas e do thoil e, bi aig an doras mus toisichidh a' chèilidh, eadar 7.00f is 7.30f, oir tha na tachartasan seo cho tarraingeach.
Càit: Eaglais Naomh Cuthbert, 5 Sràid Lodainn, Dùn Èideann, EH1 2EP
Cuin: 7.30f - 10.00f, Disathairne 21mh Giblean 2018 / Disathairne 5mh Cèitean 2018 / Disathairne 16mh Ògmhios 2018 / Disathairne 7mh Iuchar 2018 / Disathairne 1mh Sultain 2018
Cosg: £5 buill / £6 eile / clann an-asgaidh


Cur-seachadan le Ceòl agus Drama

Còisir Dhùn Èideann

Tha Còisir Dhùn Èideann daonnan toilichte buill ùra a lorg airson gach roinn de ghuthan seinn a dh’fheumas iad. Tha oideachadh ann an Gàidhlig le stuthan tàic rim faighinn bhuapa.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Còisir Dhùn Èideann >>

Còisir Ghàidhlig Lodainn

Tha Coisir Ghàidhlig Lodainn a’cur fàilte air seinneadairean airson gach pàirt den chòisir. Chaneil eòlas air sèinn ann an còisir neo eòlas air Gàidhlig riatanach air sgàth ‘s gu bheil oideachadh ga dhèanamh gach seachdain.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Còisir Ghàidhlig Lodainn >>

Fèisean Nan Gàidheal

Gu sònraichte airson clann agus inbhich òga tha an Fhèis ag eagrachadh clasaichean ciùil Gàidhlig,drama agus dannsa air feadh na h-Alba.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Fèisean Nan Gàidheal >>

Clasaichean agus Cùrsaichean

Ma tha thu airson tuilleadh fiosrachadh fhaighinn mu dheidhinn ionnsachadh air-lòidhne neo clasaichean agus cùrsaichean taobh a-muigh roinn Dhùn Èidinn, rach gu Stòrasan Gàidhlig airson liosta nas fhàrsainge fhaicinn.

Comhairle Baile Dhùn Èideann

Tha Comhairle Baile Dhùn Èideann a’tathann clasaichean foghlam coimhearsnachd ann an Gàidhlig aig ìre neach-toisichidh,an ath ìre agus ìre eadar-mheadhanach.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic na cùrsaichean bho Comhairle Baile Dhùn Èideann >>

Clì Gàidhlig

Tha Clì a’ lìbhrigeadh cùrsaichean Gàidhlig a’ cleachdadh modh ionnsachaidh Ùlpan le barrachd cuideam air sgilean labhairt agus èisteachd seach gràmar, leughadh no sgrìobhadh.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic cùrsaichean bho Clì >>

Ùlpan

Tha Ùlpan a’ sealltainn liosta de na cùrsaichean Gàidhlig gan cumail ann an Dùn Èideann a tha a’cleachdadh am modh ionnsachaidh Ùlpan. Tha an liosta cuideachd a’toirt a-staigh na cùrsaichean Ùlpan a tha air an lìbhrigeadh le Clì.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic cùrsaichean Ùlpan >>

Colaiste Dhùn Èidinn

Tha cothrom agad aig Colaiste Dhùn Èidinn Gàidhlig ionnsachadh gu Àrd Ìre.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic cùrsaichean aig Colaiste Dhùn Èidinn >>

Oilthigh Dhùn Èidinn

Tha Oilthigh Dhùn Èidinn a’ ruith chlasaichean Gàidhlig aig 3 ìrean bho ìre luchd-tòisichidh,tro na bliadhna.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic cùrsaichean aig Oilthigh Dhùn Èidinn >>

Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh

Tha Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh a’ruith cùrsaichean cànain agus cultar - cuid air àrainn na colaiste agus cuid eile ann an Dùn Èideann.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic cùrsaichean aig Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh >>

Còraichean Cearcall Còmhraidh 2017
Na teirmichean is cumhaichean