Back to Cearcall home page

Mu dheidhinn Cearcall Còmhraidh Dhùn Èidinn

Cearcall Còmhraidh

An ath chearcall:

26mh Sultain, 2017
7.30 f - 9.00 f

Seòmraichean Naomh Anndrais
Ciad Làr
16 Sràid Anndrais a Tuath
Dùn Èideann
EH2 1HJ
(faic air mapa)

Dìreach tionndaidh suas
£1.50 (a’chiad turas an-asgaidh)
Tha fàilte romhaibh uile!

Find us on Facebook

Mu dheidhinn Cearcall Còmhraidh Dhùn Èidinn

Chaidh an Cearcall a chur air bhonn ann an 1964 le Joey Chaimbeul, fileantach a bha a’fuireach ann an Dùn Èideann, ach a bha à Calanais ann an Leòdhas. Bha i den bheachd gun gabhadh Gàidhlig ionnsachadh tro a bhith a’còmhradh. Ged a bha eòlaichean cànain teagmhach mu dheidhinn seo roghnaich Joey a dhol air adhart leis an smaoineas aice. A-nis,’s leth-chiad bliadhna air a dhol seachad bhon uair sin, tha an Cearcall Còmhraidh fhathast a’dol bho neart gu neart a’dearbhadh an smaoineas aig ‘Antaidh Joey’. Thòisich a’mhòr-chuid de na buill as fhaide a tha air a bhith an sàs, agus a tha air fileantas a ruigheachd, le glè bheag de Ghàidhlig no fiù’s gun facal fhèin agus ‘s e an Cearcall a bha aig teas-mheadhan an oideachadh.

Aig toiseach tòisichisdh cha robh structar de sheòrsa sam bith air a’ Chearcall ach beag air bheag chaidh a bhith a’coinneachadh gach seachdain a stèidheachadh leis an luchd-leanntainn dìleas. Anns na 1980an ghabh na buill Iosaph Wright agus Calum Camshron thairis ruith na bùidhne agus airson iomadh bliadhna bha àrd-iomhaigh aca ann a bhith a’ leasachadh a’ Chearcaill agus cultar na Gàidhlig san fharsaingeachd ann an Dùn Èideann. Fad ‘s a bha Iosaph toilichte a bhith air cùl gnothaich ag obair gu dicheallach air cùisean practaigeach bha Calum air beulaibh daoine agus ann an riochd ceannard na bùidhne. Bha treas ball, Rob MacÈòghainn,os cionn na luchd-toisichidh, airson dèanamh cinnteach gum faigheadh iad stiuireadh ann a bhith a’leasachadh na sgilean còmhraidh aca ann an Gàidhlig.

Nuair a dh’fhag Rob, airson barrachd ùine a chur seachad a’ teagasg clasaichean oidhche agus a’leasachadh cothroman còmhraidh taobh a-staigh na buidhne aige fhèin ann am Bathgate, ghabh Iain MacAoidh thairis an riochd aige mar oide luchd-tòisichidh. A bharrachd air an sin,chaidh aig Calum,mus do leig e dheth a dhreuchd aig aois mhòr,(89!),toirt air Iain aontachadh a dhol na cheannard air a’bhuidheann. Le Iain aig an stiùir tha an Cearcall air a dhol bho neart gu neart.

An-diugh tha buill a’Chearcaill à Dùn Èideann agus cuideachd a’siubhal à iomadh ceàrnaidh eile ann am Meadhan Alba, Dùn Phris agus Gall-Ghaidhealaibh agus fiù’s Inbhirpheotharain. Tha a’bhuidheann gu math fortanach gu bheil grunn fhileantaich, cuid aca le Gàidhlig mar cheud chànan, a’ frithealadh na buidhne gu cunbhalach. Tha e na bhuannachd mhòr dhan Chearcall gu bheil iad cho deònach suidhe aig bùird còmhla ri buill nach eil cho fileanta. Tha seo na chuideachadh mòr ann a bhith a’ toirt taic do, agus a’ brosnachadh Gàidhlig mar chànan beò sa bhaile agus thairis air crìochan a’ bhaile cuideachd.

Ar Comataidh

Ann an 2013, às dèidh do Chalum gluasad gu Jersey còmhla ri mhac agus a theaghlach, roghnaich a’bhuidheann atharrachaidhean rianachd a dhèanamh taobh a-staigh na buidhne fhèin. Chaidh luchd-dreuchd a thaghadh: Iain MacAoidh mar Cheann-suidhe, Iosaph Wright mar Ionmhasair, Morag NicGill mar Rùnaire, Lewis Mac a’Phearsain mar Manaidsear solarachd agus rèiteachadh ionadan coinnichidh. Thainig cuid de na h-atharrachaidhean an luib dìleab a dh’fhagadh aig a’ bhuidheann le Maighread Hay(Leitch mus do phòs i) nuair a chaochaill i. Ri linn a coibhneas tha an Cearcall a-nis air-loidhne le làrach-lìn agus duilleag Facebook dhaibh fhèin.

Seo agaibh an luchd-dreuchd aig an àm seo:
  • President: Mark Newman
  • Secretary: Finn Bell
  • Treasurer: Calum Murray
  • Manager: Lewis MacPherson
Còraichean Cearcall Còmhraidh 2017
Na teirmichean is cumhaichean